
Bidh daoine mar as trice a’ smaoineachadh air ceòl nuair a smaoinicheas iad air Fèis, ach ann am Port Rìgh agus sa Phloc an t-seachdain sa, tha e air còrdadh glan ri còrr is 200 sgoilear a bhith aig Fèis Spòrs airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh!
Chuir Co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach High Life na Gàidhealtachd – le cuideachadh bho Cheannardan Òga – air dòigh dà latha de chleasan is de gheamaichean a bha uile air an lìbhrigeadh sa Ghàidhlig.
Bha clann C1–C4 a bha aig an Fhèis Spòrs a’ cluiche ball-coise is camanachd agus a’ gabhail pàirt ann an grunn spòrsan is gheamaichean. Bha an dà latha de spòrs is fealla-dhà air a mhaoineachadh gu tur le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach siubhal gu Àrd-Sgoil a’ Phluic agus Àrd-Sgoil Phort Rìgh.
Thuirt Daniel Steele, Co-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach: “Bha dà latha air leth againn leis an òigridh shunndach seo – bha a h-uile duine deiseil is deònach pàirt a ghabhail sna cleasan agus chaidh tòrr Gàidhlig a bhruidhinn cuideachd.
“Tha sinn taingeil do Chomhairle na Gàidhealtachd airson maoineachadh a thoirt dhan Fhèis Spòrs. Tha fios againn uile gu bheil cosgaisean siubhail gu tric nan cnap-starra do ghnìomhan sgoile agus mar sin bha e sgoinneil gun robh a’ chosgais seo air a còmhdach agus gun robh cothrom ann do chloinn siubhal a Phort Rìgh agus dhan Phloc airson pàirt a ghabhail.”
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha e fìor chudromach cothroman a thoirt do chloinn a’ Ghàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg agus an cuid misneachd a thogail ann an sgilean còmhraidh sa Ghàidhlig. ’S e dòigh mhath a tha seo gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh àbhaisteach agus cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh tro chleasan a leithid Fèis Spòrs.
“Tha mi air leth toilichte High Life na Gàidhealtachd fhaicinn ag obair ann an com-pàirteachas le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gus leudachadh a thoirt air na seirbheisean a tha iad a’ tabhann airson taic a thoirt do leasachadh na Gàidhlig.”
Agus chan e a-mhàin Sgioba Spòrs High Life na Gàidhealtachd a tha air a bhith a’ comharrachadh Seachdain na Gàidhlig an t-seachdain sa (24 Gearran – 2 Màrt) – tha mòran chleasan air a bhith a’ dol air adhart air feadh na sgìre, le seiseanan Bookbug Gàidhlig ann an leabharlannan High Life na Gàidhealtachd, seisean sònraichte ‘Learn with Lorna’ bho Thasglann na Gàidhealtachd, agus taisbeanaidhean ealain agus cuirm bho Chòmhlan Pìoba Òigridh Inbhir Nis ann an Ceàrnag na Seabhaige feasgar Disathairne (1 Màrt).
Sports Fèis is a big hit with primary pupils
People normally associate a Fèis with music but in Portree and Plockton this week, more than 200 local school children have been enjoying a Sports Fèis to celebrate World Gaelic Week!
High Life Highland’s Active Schools Coordinators in Skye and Lochalsh – with help from Young Leaders – hosted two days of activities and games all delivered in Gaelic.
P1-P4 children who attended the Sports Fèis played football, shinty, took part in multi sports and various other games. The two days of sports and fun was fully funded by The Highland Council’s Gaelic Team, including travel to Plockton and Portree High Schools.
Daniel Steele, Active Schools Co-Ordinator said: “We have had the most amazing two days with these enthusiastic youngsters – everyone was willing to get involved in the games and activities with lots of Gaelic spoken too.
“We are very grateful to The Highland Council for funding the Sports Fèis. We all know how much travel costs in particular can be, it’s a real barrier for many school activities, so it was fantastic that this cost was covered and allowed the children to travel to Portree and Plockton to take part.”
Chair of Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “Providing opportunities for children to speak Gaelic outside of the classroom are very important to foster and encourage confidence in conversational Gaelic skills. Normalising the use of Gaelic in fun activities like the Sports Fèis is a great way to boost the increasing use of Gaelic.
“I am very pleased to see High Life Highland working in partnership with The Highland Council’s Gaelic Team to expand their service provision into supporting the development of Gaelic.”
And it’s not just High Life Highland’s sports team that have been celebrating World Gaelic Week this week (24th February – 2nd March) – there’s been a host of activities happening right across the region with Gaelic Bookbug sessions in High Life Highland libraries, a special ‘Learn with Lorna’ session from the Archive Service as well as art exhibitions and a performance from the City of Inverness Youth Pipe Band in Falcon Square on Saturday afternoon (1st March).